image



Caimbeulaich a' Ghnìoba - The Campbells of Greepe
DACHAIGH - HOME


 

 


“Bha ceòl cho nàdarra ri tarraing anail”
“Music was as natural as breathing”

Ceana Chaimbeul/ Kenna Campbell

Coig guthan, aon teaghlach, deich Buinn Òr thar trì ginealaich. Òr-chiste de dh’òrain agus miann an sgaoileadh fad is farsaing do luchd-èisdeachd.

Fàilt’ oirbh dhan làrach-lìn againn – gheibh sibh am fiosrachadh as ùire an seo air cuirmean, buithean-obrach is tachartasan eile. Chì sibh tuilleadh mun teaghlach, faclan nan òran a chlàr sinn agus eadar-theangachadh orra, agus thèid agaibh air CDs agus an leabhar, ‘Fonn’ a cheannach. Faodaidh sibh cuideachd brath a chur thugainn.

Is iad Caimbeulaich a’ Ghnìoba aon de theaghlaichean mòra nan òran Gàidhlig. Buinnidh iad do bhaile beag croitearachd san Eilean Sgiathanach, far an robh ceòl na thaic anns gach uile suidheachadh - obair, adhradh no cur-seachad.

Pìobairean is seinneadairean a bh’ annta, deiseil gu dannsa, is chan eil ioghnadh mar sin g’ eilear gam meas os cionn chàich anns na puirt-a-beul . Ach tha na h-òrain a’ bualadh air an saoghal agus am beatha gu lèir – òrain pìobaireachd, òrain saothair, òrain an daoine fhèin. Fàilte don dùthaich!

 

Five voices, one family, ten Mòd gold medals through three generations. A treasury of song and a passion for sharing it with their audiences.

Welcome to our website – you can catch up here on our latest gigs, workshops and other events, find out more about the family, lyrics and translations to the songs on our recordings and buy CDs and our book, ‘Fonn’. You can also get in touch with us. 

The Campbells of Greepe – Caimbeulaich a’ Ghnìoba – are one of the great dynasties of Gaelic song. The family’s roots lie in a tiny crofting township on the Isle of Skye, where music was the constant accompaniment to everyday life.

Pipers and singers who loved to dance, it’s no surprise that they’re considered the masters of puirt-à-beul, Gaelic mouth music, but their songs encompass a whole musical world - pibroch songs, work songs, and the songs of their own community. Welcome to our world.