• Cala
  • Reul-Sgeul
  • Iomhaighean
  • Mu Ar Deidhinn
  • Watercolour

Beul na h-Oidhche gu Camhanaich

Mouth of the Night to First Light

 

Gaelic / English

MAK Icon

An t-Iar-Admaral Màiri Anna NicUalraig:
Neach-ciùil, craoladair is riochdaire. Cruthadair ‘Dubh Shneachd’ agus sgrìobhaiche ‘Aiseag’ (le Scott Mac a’ Mhaoilein, Nick Turner agus Aonghas MacNeacail) airson a 1mh Fhèill Dà-Bhliadhnail airson Ciùil Ùir. Ciad ball air Aon Teanga, Caimbeulaich a’ Ghnìoba agus Cliar. Co-obraiche Ealain Fuaim do phròiseact sgeadachaidh Talla Ciùil Obair Eadhain le APA. Co-chruthaiche ‘Beul na h-Oidhche gu Camhanaich’ airson Fèis Bhlas 2016.

NDT Icon

An Comadair Nick Turner:
Neach-ciùil, Innleadair is riochdairea. Cruthaiche ‘The Deep Sea Light’, dealbh-fuaim airson ‘Aiseag’ agus Co-obraiche Ealain Fuaim do phròiseact sgeadachaidh Talla Ciùil Obair Eadhain le APA. Co-sgrìobhaiche air ‘Black Snow’, ‘Hangman’ (le Brian Jamieson) agus ‘Queen Anne’s Revenge’ (le Findlay Napier). Co-chruthaiche ‘Beul na h-Oidhche gu Camhanaich’ airson Fèis Bhlas 2016.

Teckie Wells

An Capitean Finlay Wells: Stiùiriche Nutshell Music – stiùidio clàraidh is foghlaim anns an Oban. Sàr-chluicheadair giotàir, sgrìobhaiche agus riochdaire fad còrr is fichead bliadhna, agus co-sheòladair minic is tric air thuras le RAdm NicUalraig is Cdr Mac an Tuairneir.


Comms Eoghan

Iar-Chomanndair Ruth J. Keggin - reul na Gaelg ann an speuran ciùil Eilean Mhanainn, agus aon de shàr-sheinneadairean an eilein. Ball dhe na còmhlain Aon Teanga is Nish as Rish, a' bharrachd air a bhi siubhal nan neamhan le a còmhlan fhèin.

Calum Science Officer

Am Midshipman/ Oifigear Saidheans Calum Turner: a’ fidhe a ghràidh airson ceòl is reul-fiosaig, tha Calum a’ tighinn air bòrd air thoiseach air bliadhna maighstireachd aig Oilthaigh Dhùn Èideann.