An Dàn CD Lyrics
T1: Seinn, Horo, Seinn
(Sing!)
Mary Ann Kennedy
“We will sing your old songs, of
poetic heroes, love and glory;
But there must also be new songs - our own hearts’
music.”
Growing up in a musical family
of tradition bearers is often a joy, sometimes a
burden, and always a privilege. This song was
originally composed as a multi-vocal Millennium
commission for the Highland Festival, a short-lived
but prolifically creative beast which begat, amongst
others, Blazin Fiddles and Cliar. When I returned to
this song a couple of years ago, I realised it was
begging for new music to let the song fly solo.
The truest respect one can pay
one’s culture and heritage is to make sure it’s a part
of a continuum.
T1: Seinn, Horo, Seinn
Màiri Anna NicUalraig
“Seinnidh
sinn na h-òrain aosda - bàrdachd gaisgeachd, gaoil is
glòir;
Ach bith cuideachd òrain ùr ann: ceòl ar cridhea’n-na,
mar bu chòir.”
Tha gaisgich òrain m’ àraich
fhìn rim faighinn san òran seo – eadar Runrig is Màiri
Mhòr, Murchadh MacPhàrlain is Donnchadh Bàn, Uilleam
MacMhathain is Mòrag NicLeòid, agus mo theaghlach
fhìn. Cha bhiodh guth agam deargadh air òrain ùra mur
a b’ e iadsan agus iomadh duin’ eile an leithid.
Do dh’Eubha.
Cò sheinneas an Fhìdeag
Airgid?
Cò sheasas an Uamh an Oir?
Cò bhuainneas an t-Ubhal as Aìrde?
Aon ghuth còmhla ghleidheas an stòr.
Cò a dhìreas dhomh Beinn
Dòrain?
Cò a sheòlas Loch a’ Ròdhaig?
Cò chi camhanaich a’ Chèitein,
Mar rinn Nighean Iain Bhàin an Òs?
Seinn, horo, seinn,
Seinn horo,
seinneamaid còmhla,
Seinn, horo,
seinn;
Aon ghuth còmhla
ghleidheas an stòr.
Cò ni puirt-à-beul an dannsa?
Cò a luaidheas dhomh Clò Mòr?
Cò ni deasbad ri fear Mhealaboist,
Eil i buan, ceud chainnt an t-slòigh?
Cò a lasas dhomh Crann Tàra,
Lasair chumas òrain beò?
Aon ghuth sheinneas dhomh an t-òran;
Aon ghuth còmhla ghleidheas an stòr.
Sèist
Seinnidh sinn na h-òrain
aosda –
Bàrdachd gaisgeachd gaoil is glòir;
Ach bith cuideachd òrain ùr ann -
Ceòl ar cridhea’n-na mar bu chòir.
Sèist
|
Who will play ‘The Silver
Whistle’?
Who will stand in the ‘Cave of Gold’?
Who will pluck ‘The Highest Apple’?
Voices as one will treasure the store.
Who will climb Ben Dorain
for me?
Who will sail on Loch Roag?
Who will see the May dawning,
As Màiri Mhòr did in Òs?
Sing, horo, sing,
Sing, let’s sing together;
Sing, horo, sing,
Voices as one will guard the treasure.
Who’ll sing mouth music for
dancing?
Who will waulk the tweed for me?
Who’ll debate with the Melbost Bard
Whether the mother tongue survives?
Who will light me a beacon,
The spark that will keep songs alive?
One voice will sing me the song,
But voices united will guard the treasure.
Chorus
We will sing the old songs,
of
Poetic heroes, love and glory;
But there will also be new songs -
Our own hearts’ music, as it should be.
Chorus
|
|